23.9.07

A'dol do Steòrnabhagh



Seo dealbh a thog mi anns an t-Sultain 2007. Bha mi a'dol à Ullapool do Steòrnabhagh. Faic a' mhuir, am beanntan Albannaich. Àlainn, nach eil ?

Gàidhlig... carson ?

'S e a chiad teachdaireachd a tha ann. Le ceist inntinneach na broinn : Gàidhlig, carson ? Seo mo fhreagairt : chan eil fhios agam. No...

An toiseach, chunnaic mi am film
Braveheart. Amaideach, nach eil ? Ach smaoinich mi, Obh obh, an e dùthaich ro àlainn a tha ann an Alba ? An uairsin, leugh mi leabhar mu dheidhinn eachdraidh na h-Alba : bha e glè inntinneach, agus dràmatach. Bha mi, beag air bheag, ag ionnsachadh nithean agus... lorg mi facail sa' Ghàidhlig. Smaoinich mi, feumaidh mi an cànan seo a dh'ionnsachadh, tha e ro dhìomhair, ro bhrèagha. Cheannach mi leabhar (TYG), agus thòisich mi...